Clan Donald

[Home] [News] [Magazine] [Bookshop] [Genealogy] [Mail] [Wiki] [Links] [Forum[Back] [Up] [Next]

[Chiefs] [Australia] [Canada] [New Zealand] [USA]

Clan Donald Magazine No 12 (1991) Online

Leabhraichean Chlann Raghnaill By Professor William Gillies Department of Celtic, University of Edinburgh

Bidh cuimhne aig luchd leughaidh Irisleabhar Chlann Domhnaill air an aiste "In search of the Red Book of Clanranald" a chuir Raghnall Mac 'ille Dhuibh an cl� bho chionn beagan bhliadhnaichean air ais (faic Iris 8 (1979), 43-51), anns an do chruinnich e na bha ii thaotainn mun "Leabhar Dhearg" a ch�idh air iomrall agus mun "Leabhar Chlann Raghnaill" a tha againn. Math dh'thaodte gun tug iad an aire cuideachd gu bheil iomradh aig lain Mac 'ille na Brataich air an Leabhar Dhubh anns an obair aige The Beatons (Dun Eideann 1986 faic gu h-araidh t d 16 20) Mheudaich an dithis seo, comhla ri caochladh sgoilearan eile, ar n-e�las mu eachdraidh Leabhraichean Chlann Raghnaill; agus tha ihios gum bi tuilleadh ri r�dh air a' chuspair aig Mgr. Mac 'ille Dhuibh anns a' Chl�r L�mh-sgr�obhainnean G�idhlig a tha e an dr�sda a' deasachadh do dh'Urrasairean Leabharlann N�iseanta na h-Alba: faic "The Gaelic Manuscripts of Scotland", ann an Alba agus a' Ghaidhlig (deas. W. Gillies, D�n Eideann, 1989), t.d. 146-74.

Is ann air an stuth a tha san d� l�mh-sgr�obhainn iomraiteach seo a tha mi thin ag obair - obair anns an robh mi an s�s treis mhath -se sin na h-eachdraidhean agus a' bhardachd is eile a tha annta. Tha d�il agam a-nis an stuth sin fhoillseachadh an �ine nach bi ro�mh�r. Anns an earrainn a leanas tha mi a' dol a r�dh beagan mun obair agam agus mu dhreach an leabhair a thig a-mach air a s�ilibh. Mun t�isich mi air sin, ge t�, is fhearr dhomh rud beag a mh�neachadh: ged a tha sinn a' tuigsinn nach e an Leabhar Dearg a tha againn an diugh an "Leabhar Dearg Chlann Raghnaill" a bhathar a' creidsinn a bha ann, agus nach ann do Chloinn Raghnaill a bhuineas an Leabhar Dubh anns a' cheud dol a-mach, bidh mi anns an aiste seo a' toirt aon char eile as na h-ainmean st�idhichte.

T�isichidh mi, ma t�, le cunntas aithghearr air cur ri ch�ile an Leabhair Dheirg agus an Leabhair Dhuibh. Tha e coltach gun do sgr�obhadh a' cheud thear (no a' chuid as motha dheth) le Niall Mac Mhuinch, bard oifigeil Mhic 'ic Ailein, timcheall air 1700. (Gheibhear iomradh air Niall agus air a shaothair aig an 011. Derick Thomson ann an "The Poetiy of Niall MacMhuirich", Transactions of the Gaelic Society of Inverness, 46(1970), 281-307.) Se bha fa-near do Niall eachdraidh Chlann Raghnaill a chur sios, an d� chuid mar chuimhneachan air beatha agus gn�omhan uachdarain Chlann

Domhnaill agus Chlann Raghnaill troimh na linntean, agus (aid a bha cha mh�r a cheart cho cudthromach dha-san) airson balla�d�on a thogail an aghai�h luchd-eachdraidh eile a bha, ar leis, a' d�anamh leth-breith air Chloinn Domhnaill. 'Nam measg sin tha e inntinneach ainm She�rais Bhochanain (George Buchanan) fhaicinn: fi� 's aig an am sin, tuigidh sinn, dh'fhaodadh sealladh a' Ghoul air a' Gh�idheal bualadh air an d�igh anns an robh an G�idheal 'ga mheas them. Co dhi�bh, thug Niall a-steach don leabhar aige stuth a thog e � l�mh-sgr�obhainnean G�idhlig cue -cunntais air na Meadhon Aoisean air Gh�idhealtchd agus bardachd c�irte a rinneadh do na cinn-theadhna - agus, gu h��raidh airson nan linntean a b'thaisge air a latha fhein, seanchas a gheibhte, is d�cha, bho bheul-aithris. An uair a r�inig an sgeulachd a linn 's a chuimhne fh�in (Se sin bho mheadhon an l7amh linn deug) b'urrainn dha tarraing as na chunnaic agus na chuala e 'na �ige agus bhon am sin gu am sgr�obhaidh an Leabhair. A bharrachd air seo sgr�obh Niall sios roinn de dh�in eile san Leabhar Dhearg, agus sgr�obh cuid-eigin eile bardachd ann cuideachd an d�idh b�s N�ill - anns na 1720an a r�ir choltais.

Tha stuth an Leabhair Dhuibh gu math nas sgaoilte 'na ghn�. Tha lethbhreac ann de dh'eachdraidh Chlann Domhnaill, air a thogail gun ea�raiginn as an Leabhar Dhearg �-r�ir gach coltais, ach le tomhas de dh'atharrachaidhean a rinneadh leis an sgriobhadair: p�osan air am f�gail as agus fiosrachadh eile air a shadadh a-steach an siod 's an seo. Tha bardachd Gh�idhlig �Eirinn agus � Albainn ann cuideachd, agus gu le�r de stuth eile am Beurla agus an Laideann. Thathar a' d�anamh a-mach gur h-e Crisdean MacBheatha ainm an thur a sgriobh na h-earrannan anns a bheil �idh agam-sa den Leabhar Dhubh, gur h-e Peutanach de chinneadh nan lighichean ainmeil a bha ann, agus gu robh cosnadh aige mar oide-foghluim aig fear de na teaghlaichean Domhnallach a bha c�mhnaidh ann an ceann a-math na h�Eireann. Is d�cha gun robh oideachas �igridh an teaghlaich sin a' gabhail a-steach seanchas an sinnsirean ann an Albainn, agus gur h-e sin as coireach gum bi cunntas an Leabhair Dhuibh a' gearradh as mion-phuingean a bhuineas ri eachdraidh nan Eilean agus aig an aon am a' cur barrachd cudthrom air Clann Domhnaill ann an Eirinn na tha cunntas N�ill 'ic Mhuirich. Se fear de na deifearan as motha a tha eadar an d� l�mh-sgr�obhainn san taobh seo nach do dh'fh�g Crisdean a-staigh na marbhrannan a chuir Niall a-steach mar annlann air a' chunntas pr�is aige.

Is iad na h-eachdraidhean (agus a' bhardachd) a bhuineas ri Clann Domhnaill am pr�omh-chuspair rannsachaidh a tha agam�sa. Tha aithris Neill 'ic Mhuirich, mar a tha e againn anns an Leabhar Dhearg agus anns an Leabhar Dhubh, 'gar toirt air ais gu linn Shomhairle Mhic Gille-Bhr�de (se sin gu meadhon an dara linn deug). Air dh�igh. tha an aithris aige a' t�iseachadh gu math nas tr�ithe na sin, l eis an Eachdraidh-bhreige mu theachd nan G�idheal gu Eirinn o shean, agus leis an t-seanchas mu dh�idhinn tuineachadh s�ol  Cholla Uais an Al bainn. Ach is ann mar thianais air uaisl e sloinneadh Chlann Domhnail l a tha an stuth seo a' nochdadh: n�dur de Roimh-r�dha a leigeas thaicinn gu bheil  iad seo air an theadhainn as �irde inbhe ann an saoghal  luchd�foghl uim nan G�idheal . CO dhi�bh, tha an "eachdraidh eachdraidheil" (ma dh'fhaodas mi a chur mar sin) a' t�iseachadh l e Somhairl e agus a' l eantainn beatha agus gn�omhan gach ceannaird a th�inig as a dh�idh gu b�thadh Tighearnas nan Eilean agus an uair-sin sios gu deireadh an t-seachdamh l inn deug. Tha tomhas math de n�dur a' chroinigeil 'na ghn�, gu h-�raidh anns na ceud earrannan; ach aig a' cheann thal l tha bias neo-chumanta air aithris an Leabhair Dheirg seach a' mho�-chuid den t-se�rsa ud, aig cho pearsanta beothail  's a tha teisteanas Neill  - mar eisimpleir ann a bhith a' deiligeadh ri cogadh Alasdair mhic Cotta agus Mhuntr�is - agus aig cho soirbheachail 's a bha an deuchainn �r a rinn e ann a bhith measgachadh bardachd is eachdraidh anns na h-earrannan a tha aige air Tighearnas nan Eilean.

Tha iomadach ceist ri fuasgladh aig fear deasachaidh theagsaichean � l�mh-sgriobhainnean mum faigh e air aon loighne a sgriobhadh a-mach anns an d�igh sam bi e a' nochdadh aig a' cheann thail . Saoil am bu ch�ir dha bhith cho d�leas 's as urrainn dha don l�mh-sgr�obhainn no cho cuideachail 's a ghabhas don l uchd-leughai�h? An uair a tha roghainn ann, am bu ch�ir dha facail an Oghdair no facail an sgr�obhadair a riochdachadh? De na bheir a seachad de mh�neachadh agus c� dh� a bheir e sin - do sgoil earan eile no don "leughadair choitcheann" nach cii idir cho foghluimte fiosrachail mun chuspair? Bu toigh team a-nise beagan a r�dh mu chuid de na ceistean s�nraichte a dh'�irich anns an obair agam fh�n, agus na d�ighean san do threagair mi iad.

B'i a' cheud cheist mh�r, d� an ordugh a chuirinn air an stuth a bha mi dol a dh'flioil l seachadh. Th�ining atharrachadh inntinn orm turus no dh� bho th�isich mi air an obair seo, caochladh bhl iadhnaichean air ais; ach tha mi nise cur romham mar gum b'e "Leabhar Neill  'ic Mhuirich" a chur air beulaibh an t-saoghail. Tha sin them a' freagairt aon sreath de cheistean cue: is e an Leabhar Dearg am bun-teags a tha agam san tharsaingeachd, ged a dh'fheumas sinn a bhith an eisimeil air an Leabhar Dhubh far a bheil an Leabhar Dearg a dh�th oirnn. Th�isich mi, ma t�, leis a' chunntas eachdraidheil mar a tha e anns an Leabhar Dhearg (a' gabhail a-steach bardachd agus sloinntireachd). Cha b'fhuilear dhomh d�igh fhaotainn, cuideachd, air leughaidhean an Leabhair Dhuibh a riochdachadh, air chor 's gun nochdainn ciamar a tha e air a dheifearachadh on fhear cite. Airson a' ch�rr, roinn mi an stuth a-reir a chuspair agus rangaich mi e a-r�ir cho dl�th 's a bha a. bhuntanas ris a' phr�omh-chuspair. Seo an rangachadh a bha agam: (1) nithean cue san Leabhar Dhearg co-cheangailte ris a' phriomh-chuspair, ach a-mh�in gun do chuir Niatl s�os iad, sgapte bho ch�ile, ann an c�iltean cite air feadh an i�mh-sgriobhainn; (2) nithean cue a sgr�obh Niait san Leabhar Dhearg, nach cit am buntanas aca cho dt�th ris na h-eachdraidhcan aige, ged a tha buntanas air choir-eigin ann. Cha robh mi cho cinnteach aig an th�or thoiseach d~ dh�anainn leis na se�rsachan cite: (3) p�osan a sgr�obhadh a-steach dhan Leabhar Dhearg an deidh b�s Neill ; (4) stuth as an Leabhar Dhubh nach d'fhuaireadh as an Leabhar Dhearg, ach a tha 'na dheidh sin a' dol  meadhonach math c�mhl a ris; agus (5) stuth nach cil  idir co-cheangailte ri eachdraidh Chl ann Raghnaill ach a-mh�in anns an t-seagh gu bheit e (mar gum b'ann) anns an aon leabaidh ris an eachdraidh sin. Leis an th�rinn innse, ch�rdadh e rium thin gle mhath a h-uile dad a chumail a-staigh. Ach dh'theumainn s�il a bhith agam ri meudachd an leabhair: d� chanadh na daoine bha gu chur an cl� dhomh? Tha a' cheist sin an ire mhath fosgaitte thathast. Math dh'thaodte gun nochd na tn se�rsachan mu dheireadh, no cuid dhiubh, ann an cl� beag aig deireadh an leabhair; air an l�imh cite, tha feadhainn de na nithean seo a tha cho for inntinneach gu bhcil mi titheach air am faicinn an cl� leotha fhein.

A thaobh nan ceistean farsaing cite a th�inig orm am fuasgladh mar thear-deasachaidh is fhiach na co-dh�naidhean a leanas ainmeachadh. Tha G�idhtig an Leabhair Dheirg agus an Leabhair Dhuibh gu math cadar-dhealaichtc 'na dreach bho Gh�idhiig an t� an diugh, agus tha litrcachadh caran mi-riaghailteach a' d�mhlachadh an sgte� a tha cadar i agus teughadair a tha cieachdte ri G�idhtig an l� an diugh a-mh�in. Dh'thaodte an litreachadh a leasachadh air dh�igh 's gun tigeadh e nas the�rr ri s�it agus tuigse an leughadair. Ach dh'th�gadh sin gun caillte btas an l�mh�sgr�obhainn; agus aig a' cheart am dh'fheumte atharrachaidhean cite a dh�anamh air a' ch�nain them mum biodh a' Gh�idhlig soilleir gu le�r airson a' mh�r-chuid. Mar sin chuir mi romham litreachadh an l�mh-sgr�obhainn a chur an cl� (ach giorrachaidhean a tionadh a-mach, pungadh a chur a-steach, agus mearachdan a cheartachadh mar bhios iomchaidh). Mar sin cha bhiodh c�is gearain aig sgoil earan c�nain no aig daoine a tha cieachdte ris a' Gh�idhtig Chlasaigich. Airson gnothaichean a shoiiteireachadh do ch�ch chuir mi eadar-theangachadh ris - aid a tha �bhaisteach gu le�r ann an teabhraichean bardachd an Scottish Gaelic Texts Society - agus tha n�taichean agus roimh-r�dha agus faclair agam a chuidicheas an teughadair gu bith d� an Ire aig a bheil e a thaobh tuigse c�nain, eachdraidh is cite.

Bha mi fortanach an uair a ghabh mi an obair seo os t�imh gun d'thuair mi bhon Ottamh Kenneth Jackson na n�taichean aige them agus aig an Ollamh Risteard Best air d�anamh an d� t�mh�sgn�obhainn agus air l�mhan sgriobhaidh nam fear a chuir peann nutha. (Bha d�it aig aon am aig an Otlamh Jackson them Leabhraichean Chlann Raghnaill a dheasachadh; dh'iarr e beachdan R.I. Best seach gum b'esan a b'thiosrachaite an Eirinn mu i�mh-sgr�obhainnean G�idhlig aig an am sin.) Th�isich mi th�n air ballachan a thogail air na l�raichean a dh'fh�g na sgoitearan seo romham. Obair thaitneach a bha ann airson a' chuid a bu mhotha dhith, agus lion mi gu ie�r thoighlichcan leis an stuth a bha mi a' cruinneachadh - air c�nain, ainmean dhaoine is �iteachan, agus eachdraidh, aid sam bith a dh'thaodadh a bhith gu feum dhomh. Mar a b'thaide a ch�idh na 8Oan air adhart, ge t�, sann a bu lugha bha mi faighinn de thide airson an stuth seo (agus creid thusa gu robh meatl  dheth agam a-nis!) a chur an altaibh a ch�iie. Ach is ann as an th�ath a thig an soirbheas: le cuideachadh bho Urras Foghluim Shir lain Domhnallaich thuair mi "bliadhna sh�baideach" bho mo dhrcuchd anns an Oilthigh eadar Foghar 1989 agus Foghar 1990.

Rinn seo deifear gl� mh�r. Ch�idh agam air na teagsaichean gu l�ir a chur air meanbh-chl�ir coimpi�tair, agus air an deasachadh a r�ir nam pnionnsabailean a dh'ainmich mi shuas. Chuir mi an c�rn m�r ud de n�taichean an �rdugh, agus tha mi nise 'gan roinn eadar roimh-r�dha, e�rr-n�taichean is eile. Th�inig deannan math de rudan Ura an �ird thad 's a bha mi a' cur nan teagsaichean air coimpi�tar, agus tha mi thathast ag obair air an eadar�theangachadh. Mar sin, cha do r�inig am b�ta cala thathast; ach tha i a' s�neadh air. Mar a thubhairt mi, tha d�il gun nochd an leabhar agam anns an t-sreath ainmeit a bhios a' tighinn a-mach fo bhratach an Scottish Gaelic Texts Society; tha mi 'n d�chas gum bi e airi�h air a chuidcachd.

The Books of Clanranald

Recent scholarship includes several works with a bearing on the history of Clan Donald, and a new edition of the Books of Clanranald is planned as a further contribution on that front. The "Red Book", principally the work of Neil MacVurich, and the "Black Book" with its Antrim connections, are of importance for Highland history down to the end of the seventeenth century in a number of ways. The nature of the material and the relationship between the two manuscripts pose several questions of principle for the prospective editor. The core of the new edition will be "Neil MacVurich's Book" - the history of his patrons' people in the form in which he wanted to present it. Neil's Gaelic is the old literary language, although his style is relatively simple. For this reason, and because of the interest of the Clan Donald histories to many who are not specialists in early Gaelic, a translation is being added and will appear en face. The text as published will also be fully annotated and indexed. Work on the new edition was greatly expedited by a grant from the Sir John MacDonald Educational Trust, which enabled the editor to take sabbatical leave during the academic year 1989-90. As a result, work is now at an advanced stage: it is expected that the book will be published by the Scottish Gaelic Texts Society, hopefully during the coming year.

Feedback.  If you have any comments, additions or corrections to this article, please post them in the forum as a new thread here. Please make the title of your post the title of the article and put a link back to the article in your post. You will have to register to join the forum.

[Home] [News] [Magazine] [Bookshop] [Genealogy] [Mail] [Wiki] [Links] [Forum] [Back] [Up] [Next]
 

Google

 

web

clandonald.org.uk

[Chiefs] [Australia] [Canada] [New Zealand] [USA]

We not accept liability for material published on advertisers' and other external sites. Click here to advertise on www.clandonald.org.uk. Hosted by Heart Internet.