Founded 1891
 Click here for Scottish Internet Radio and listen while you browse

[Home] [Edinburgh Society] [News] [Magazine] [Shop] [Bookshop] [Genealogy] [Mail] [Wiki] [Links] [Forum[Back] [Up] [Next]

[Chiefs] [Australia] [Canada] [New Zealand] [USA]

Clan Donald Magazine No 7 (1977) Online
 

Mort na Ceapaich le Alasdair MacDomhnaill.

 

This account of the Keppoch Murder is reproduced from Story and Song from Loch Ness Side by Alexander MacDonald.

 

"Chunnaic mi droch bhruadar an raoir a rithisd, Alasdair," arsa bean an D�ghallaich mh�ir, an Ionarl�ir, ris is iad a' cneacaireachd ri ch�ile na 'n tigh fh�in o chionn c�rr agus da ch�ud gu leth bliadhn' air ais.

 

"Creididh mi sin," ors' Alasdair M�r: "tha mise 'coimhead droch bhruadair an c�mhnuidh; ach ciod am bruadar a chunnaic thus' an raoir, mata?"

 

"Thoir leam gu 'm faca mi gr�ine de mhucan dubha a' tolladh fodh chloich-bhuinn an tighe so againn, agus gu 'n robh feadhainn diubh a' deanamh air an leabaidh againn."

 

"Is olc am bruadar a chunnaic thu, a bhean," arsa 'n Dughallach M�r; tha eagal orm gu 'm beil faoghaid Iain Luim a' tighinn dl� air laimh; tha barail agam gu 'n deachaidh aig' air feachd fhaighinn an Eilean Sg�, 's gu 'm beil iad air th�ir Mort na Ceapaich a dhioladh fhathasd. Tha 'n t-am a bhi bogadh nan gad."

 

"Tha thu mar gu 'm bitheadh tu ga do dh�teadh fh�in riamh air son a' ghnothaich a bha 'sin," ors' a' bhean ri Alasdair M�r, is i a' cur smut fhanaid as a sr�in.

 

"Thig an t-olc an uachdar," ors' Alasdair; "ge bith gu d� a' bhoile bh' orm an uair a ghabh mi fo laimh gillean eireachdail, �g, neo-chiontach na Ceapaich a chur gu b�s, cha dheanain a rithisd a leithid. Cha robh e na chleachdadh aig Clann D�mhnuill balc dubh, dorcha, grannda, mur sud a dheanamh. Ach tha mi fiosraichte gu 'n tig an t�ir; cha deachaidh fois air Iain Lom ach bho Ghleanna-garadh gu S�-phort, 's bho Sh�-phort gu Sl�ibhte bho 'n a thachair an gniomh a tha esa ag r�ite a dh' fh�g a' Cheapaich na f�saich; agus 's e dh' fh�umas mise 'bhi 'deanamh an deasachaidh is fh�arr is urra' dhomh a chum coinneamh a thoirt do 'n luchd t�ireachd an uair a thig iad."

 

Ghairm Alasdair M�r an sin a shianear mhac gu 'thaobh, agus dh' innis e dhoibh, mar a bha e ro choltach, gu 'n robh 'n t�ir air bonn. "Tha rud-eiginn ag innseadh dhombh," ors' esa, "gu 'm beil 'cath gailbheach' romhainn: ach ged a rug an droch �m oirnn an uair a mharbh sinn Alasdair �g agus Raoghall beag, a bhr�thair, f�umaidh sinn a dhearbhadh nach bi e farasda da 'r luchd-diolaidh ar cur ri l�r."

 

"Tha d�ur na do sh�il, Alasdair Mh�ir." ors' a' bhean "am beil do chridhe ga t' fh�gail?"

 

"Ma tha d�ur na mo sh�il cha 'n ann bho ghealtaireachd, mar is maith is fios dhuit: cha 'n 'eil uair a smaonuicheas mi air an dichioll a rinn na br�ithrean bochda air am beatha 'chosnadh nach fhairich mi mo chridhe a' fasgadh na mo chom. Na 'm faca tusa mar a dhion Alasdair Og a bhr�thair beag, agus, an uair a chaidh Alasdair a chur gu talamh agus cr�uchdan sheachd biodagan na 'chorp, Raoghall - nach robh ach na 'ph�isde brogaich - ga 'thilgeadh fh�in na m' uchd-sa, 'S mc chluais a' cluinntinn a chridhe a' bualadh na 'chliabhan - na 'm faca tusa sin uileadh cha ghabhadh tu iongantas ged a bhiodh dealt air mo sh�il. 'S ann is miorbhuilleach nach 'eil mo r�usan air m' fh�gail o chionn fhada."

 

"Ma thig an Ciaran Mabach agus a chuideachda a chur f�ilt' ort a nochd, cha dean boganachd dhe 'leithid sin an gnothach dhuit, Alasdair Mh�ir."

 

"Ged a thigeadh an Ciaran Mabach agus na 's urra' dha a chruinneachadh leis, seasaidh mise mo l�raich fhad 's a bhis mo chomas agam; ach cha d' thubhairt sin nach 'eil guthan beag, coimheach a' sanais f�indh�teadh na mo chridhe fhin a b' fhe�rr leamsa s�mhach no ged bu leam a' Cheapaich tri uairean as a'ghrunnd; agus cha lugha mo th�mailt gu 'm b' ann an aobhar sluaigh eile, aig nach robh c�ir na dlighe air an oighreachd aig an am, a chaidh mise 's mo theaghlach a chur ar cinn ann an snaim."

 

An oidhche sin mu 'n deachaidh Alasdair M�r a chodal chuir e fh�in 's a shia mic an cinn ri 'ch�ile, agus chuir iad air ball rian air an deasachadh a b' fhe�rr a bha na 'n comas; oir, a dh'innseadh na firinn, cha robh iad idir gun eagal nach rachadh fois gu br�th air Iain Lom gus am biodh mort na Ceapaich air a dhioladh.

 

Goirid an deigh so thainig fios gu Ionarl�ir gun robh Iain Lom agus prasgan l�idir de Chlann D�mhnuill, fo chomannda 'Chiarain Mhabaich, anns a' choimhearsnachd. Thuig na D�ghallaich an gnothaich air an robh iad; ach cha d' thainig e 'stigh orra a dhol a thoirt baiteal do ph�irtidh Iain Luim; 's ann a r�naich iad a bhi deas a chum iad fh�in a dhion an uair a thigeadh feachd na t�ireachd na b' fhaisg' orra. Le beag is beag rinn na D�mhnullaich air Ionarl�ir, ach cha robh iad a' coimhead gluasad sam bith mu 'n tigh.

 

"Gu de do bheachd dhe 'n a' ch�is a nis', Iain?" ors' an Ciaran Mabach ris a' bh�rd, 's e a' gabhail fadachd nach robh a 'faighinn cothrom air ceist na dha a chur na 'dh�igh fh�in ri na D�ghallaich.

 

"Mata, 'Illeasbuig, a laoigh mo chridhe, 's e mo bharail-sa nach 'eil sinn gle fhada bho 'n a' ghr�isg a dh' fh�g a' Cheapaich lom; tha mi mar gu 'm bithinn a' faighinn f�ileadh orra."

 

"S' ci' �it am beil iad, Iain? Tha sinn a nise mach 's a sigh mu thri latha feadh an so, 's cha 'n fhaca sinn crom no direach ach bodach leiseach a' bhrata riabhaich an dr�sda 's a rithisd eadar an tigh 's am fuaran. Mar fhaigh mise sealg dhe na D�ghallaich gu h-aithghearra, 's ann a bheir mi 'n ceann dhiot fh�in."

 

"A mhic an leomhainn, 's a' bhradain, 's an fhraoich, cha b' ann ri t-fhuil uasal, uaibhreach a ch�rdadh e an ceann a chur de Iain Lom; ach gu de 'their thu mar e 'n aon bhodach leiseach a tha sinn a' coimhead bho latha gu latha anns a' bhrata riabhach idir, ach neach is neach de na D�ghallaich, a mach 's a stigh a' gabhail na gaoithe?"

 

"Cha chan mi nach 'eil thu ceart, Iain; agus am b�ul an latha 's a' mhaduinn a maireach chi sinn codhi� a tha do bheachd ceart no nach 'eil."

 

Agus 's ann mar so a bha. Tr�th an ath mhaduinn dh�isg bean Alasdair Mh�ir e ag r�ite gu 'n robh a rithisd a' bruadar air mucan dubha 'bhi 'tolladh a stigh troimh 'n tigh; agus aig a' cheart am chual' iad ollach is iorghuill nan D�mhnullaich aig an dorus. Ann am priobadh na s�la bha Alasdair 's a shia mic na 'n �ideadh 's na 'n armachd; ach a' faicinn gu 'n robh cuideachda 'Chiarain Mhabaich gu math l�idir, 's e a chinn aca gu 'm b' fhe�rr dhoibh fh�in fuireach mar a bha iad, agus na b' urra' dhoibh de ch�ch a mharbhadh le na gunnachan.

 

Mar so bha 'n tim a' dcl seachad, na D�ghallaich a' caithidh f�dair is luaidhe gun a bhi 'deanamh call m�r sam bith air na D�mhnullaich. Mu dheireadh theirig luaidhe dhoibh, ach, mo theirig chum bean-an-tighe peilearan riu fhad 's a mhair dhi na ghabhadh leaghadh de shoithaichean an tighe. Ach thainig crioch air sin, agus cha robh it' as na D�mhnullaich'. 'S ann a bha iad a' fas na bu ladurna 's na mhisneachdail a h-uile mionaid.

 

"'S co maith dhuit, Alasdair Mh�ir," ors' an Ciaran Mabach, "a thighinn a mach. Cha 'n 'eil dol as agad. Tha 'n so na chuireas t' fh�rdaich mu do chluasan ann an tiotadh. 'Ge fada dail fear an uile cha t�id e as gun dioladh,' Am beil cuimhn' agad air Mort na Ceapaich?"

 

"Cha robh mi riamh nach freagairinn gairm catha," ors' a D�ghallach "cia m�ud a tha sibh ann?"

 

"Ge bu cia m�ud a tha sinn ann 's co maith dhuitsa t' fhaosaid a dheanamh. Tha fuil dhearg, chraobhaich �ganiach na Ceapaich ag �igheach diolaidh."

 

"Gheibh sinn cothrom na F�inne." ors' Alasdair M�r.

 

"An d' thug sibh cothrom na F�inne 's a' Cheapaich?" ors' an Ciaran, 's a lamh ann an ceanna-bheairt a chlaidheamh.

 

"A Cheapaich mo dhunach, 's e bhios an so latha grannda measg Chlann D�mhnuill," orsa bean Ionarlair, 's a cridhe na 'slugan; 's anns an fhocal, a mach ghabh na D�ghallaich.

 

Cha do mhair am baiteal fada. Mu 'n ceart a chaidh na fir ri aghaidh a ch�ile, chuir an Ciaran - fear claidheamh cho maith 's a bha�'n Alba ri a latha - an ceann de Alasdair M�r, agus, mar a theirar, ann an tionndadh na boise, bha a shianear mhic na 'n laighe marbh ri thaobh air an �trach.

 

"Mo cheist ort, 'Illeasbuig mh�ir, bhuadhaich, o 'n Eilean, 's ann duit fh�in 's dha do dhaoine a thigeadh a dhoil a thoirt a mach a' cheartais. Fhearaibh mo ghaoil, nach freagarrach far an do thuit na D�ghallaich bhr�in mu dheireadh!"

 

"Cluinnear thusa 'n comhnuidh, Iain, an uair a bhios an cath thairis. Cia m�ud de na D�ghallaich a mharbh thu fh�in, Iain?"

 

"Illeasbuig, a ghraidh, cha mhillinn air feadhainn is fhe�rr air c�l a' chlaideamh na mise."

 

"Cha robh leisgean riamh gun leithsgeul', Iain; ach na 'm bu chlaidheamh an teanga cha bhiodh do sgath cho cli."

 

"Coma dha sin an dr�sda, 'Illeasbuig, ach bheir sinn cinn nan D�ghallaich a dh' Inbhirnis, agus 's e mi fhin a bhios pr�iseil, aighearrach a' gi�lain an eallaich."

 

Agus 's ann mar so a bha; chuir am b�rd gad toinnte, l�idir troimh fhiaclan nam marbh, agus shiubhail a' ph�irtidh air an turus. A' tighinn troimh Ionar-gharradh ghl�n iad; na cinn ann am fuaran ris an abrar gus an latha 'n diugh "Tobair-nan-Ceann." A' dol troimh Ghleann�Urchadainn thilg Iain na cinn dheth 's e a' tarruing analach. Thug na cinn gnog air a ch�ile, anns a' chliabh anns an robh iad, 's an uair a chual' am b�rd sud 's e a thubhairt e - "Ud! ud! nach c�rd sibh, 's gur cloinn ch�irdean sibh fh�in."

 

Rinn Iain Lom �ran briagha air Mort-na-Ceapaich a tha ri fhaicinn ann am m�ran leabhraichean.

 

Feedback.  If you have any comments, additions or corrections to this article, please post them in the forum as a new thread here. Please make the title of your post the title of the article and put a link back to the article in your post. You will have to register to join the forum.

[Home] [Edinburgh Society] [News] [Magazine] [Shop] [Bookshop] [Genealogy] [Mail] [Wiki] [Links] [Forum] [Back] [Up] [Next]
 

Google

 

web

clandonald.org.uk

[Chiefs] [Australia] [Canada] [New Zealand] [USA]

If you have found our website interesting or useful, please consider supporting the work of the Society in preserving our heritage by making a donation at our Online Shop. Site last updated 04 October 2006. All material Copyright � The Clan Donald Society of Edinburgh (1891) 1959 - 2005 unless otherwise stated. The Society does not accept liability for material published on advertisers' and other external sites. Click here to advertise on www.clandonald.org.uk. Hosted by Heart Internet.