Clan Donald

[Home] [News] [Magazine] [Bookshop] [Genealogy] [Mail] [Wiki] [Links] [Forum[Back] [Up] [Next]

[Chiefs] [Australia] [Canada] [New Zealand] [USA]

Clan Donald Magazine No 6 (1975) Online

Sgeul Nam Bard le Iain A. MacDhomhnaill.

Bithidh luchd eachdraidh is sgrobhaichean Gallda eile a' cur f'ar comhair nach robh anns na seann Ghaidheil ach sluagh ardanach borb gun umhail. Seo a' bharail a bh'aig m�ran air na daoine bho'n tainig sinn suas gu ruige na naoidheamh linne deug. Tha feadhainn ann fhathast, ach tha mi'n d�chas nacheil iad ach tearc, a tha de'n bharail nacheil anns a' Ghaidhlig ach cainnt bhorb gun dreach gun loinn. Chaneil cothrom againne mar Ghaidheil air an aineolas sin a gheibhear am measg dhaoine a tha 'gem meas fh�in rud-eigin adhartach agus coimhlionta. 'Se mo bharail fh�in gun robh litreachas agus ce�l am pailteas aig na seann Ghaidheil an uair a bha cearnan eile na duthcha gu math easbhuidheach a thaobh sco. Tha mi a' smaoineachadh cuideachd gu bheil againn an Gaidlhlig an diugh litreachas cho agus is d�cha nas fhe�rr na tha aig luehd na Beurla an Alba. 'Se as motha tha cur orm a thaobh sco nacheil sinn fh�in mar Ghaidheil a' toirt 'aite agus urram do'n litreachas sin a th'againn. Chan fhoghainn dhuinn idir a bhith seinn �ran 's a' dol gu ceilidhean m�ra an Glaschu is an �itean eile. Chaneil mi ro chinnteach idir gun d'rinn na ceilidhean is na m�dan a th'ann m�ran feum do'n Ghaidhlig.

Aig an am a th'ann thigeadh dhuinn s�il a thoirt air ais is beachdachadh air an ionmhas luachmhor a thainig thugainn a nuas troimh na linntinn. Ma ni sinn sin gu c�ramach maith dh'fhaoidte gum faigh sinn dealbh choimhlionta air na l�ithean a bh'ann agus gun cuir sinn meas is urram air ar litreachas, air ar ce�l agus air gach subhailc luachmhor a tha fuaighte ruinn mar shluagh.

Ged a tha a' Ghaidhlig a' b�sachadh san Eileen Sgitheanach bha latha eile aice. An uair a bha cinn chinnidh eile na Gaidhealtach a' toirt urram do na b�ird bha an cuid fh�in aig cinn chinnidh an Eilein. Ged nacheil m�ran air sgeul de shaothair nam b�rd mh�ra a bha sin tha eachdraidh is beul aithris a' toirt c�nntais orra. Tha fhios againn gun robh ne seann bh�ird a' cur seachad �ine mh�r ag ionnsachadh na h-ealain is gun robh e�las farsaing aca air c�nain, air rannaigheacht is air eachdraidh. Cha b'ionnan cainnt nam b�rd agus cainnt ant- sluaigh aig an am agus b'e cuspair an cuid b�rdachd sloinneadh agus eachdreidh an teaghlaich do'm buineadh iad.

Seo ageibh aon rann a rinneadh do aon de na Domhnallaich o shean.

Nior ghlac claith colg na gunna
Sgiath r� linn no lann tana:
Cothrom cruais do ghle� an ghiolla.
E� Sionna o'n Bhuais o'n Bhanna.

Chi sibh bhuaithe sin an gne Gaidhlig a chleachta agus an t-e�las a bh'aig a' bh�rd air ainmean aibhnichean an Eirinn.

Aig an am ud bhiodh na b�ird againne a' dol a dh'Eirinn agus tha sgeul againn cuideachd air b�ird Eirionnach a bhith tighinn do'n Ghaidhealtachd. Bha b�ird aig MacLeoid Dhunbreagain ris an abrar O'Muirgheas�n  agus  tha  c�nntas  air  cuid  dhiubhsan  a  bhith bliadhnachan an Eirinn. Tha e air a radh cuideachd gun robh cuid dhiubh 'nam b�ird aig MacIlleathain am Muile. Chi sinn bhuaithe sin nach b'e Mairi Nighean Alasdair Ruaidh na an Clarsair Dall a cheud fheadhainn a fhuair aoidheachd o Chlann MhicLeoid Dhunbheagain. Gu dearbh chaneil cinnt idir air gun robh a h- aon dhiubh sin air am fasdadh agus air am paigheadh mar bh�ird teaghiaich mar a bha O'Muirgheas�n. Tha c�nntas air fear dhiubhsan a bhith san teaghlach san t- seachdamh linn deug. Chaneil teagamh air nach e �ite s�nraichte a bha an Dunbheagain anns na linntinn a bha sin. Bha meas air b�rdachd agus air ce�l agus bha an sluagh a' cur earbsa agus taic anns a' cheann cinnidh. Cha b'iongnadh idir an Clarsair Dall a bhith cho dubhach an uair a thug e f'anear nach robh meas gu bhith air a leithid tuilleadh. Seo mar a thuirt e fh�in ann an Oran Mor MhicLeoid.

Chaidh a' chuibhle mu'n cuairt
Ghrad thionndaidh gu fuachd am bl�ths'
Do chunnacas f�in uair
D�n ratha nam buadh seo thr�igh;
Gheibht' ann tathaich gach duain
Is iomadh maitheas gun chruas gun ch�s
Dh'fhalbh an latha sin uainn
Is tha na taighean gu fuaraidh f�s.

Chaneil mise ag agairt gur h- e Sgitheanach a bh'anns a' Chlarsair idir. Ged a b'ann do Leodhus a bhuineadh e fhuair a aoidheachd an Dunbheagain agus tha mi cinnteach nach bann a thaobh 's gum b'e Leodhusach a bh'ann a fhuair e sin.

Cha mh� na sin a tha mi ag radh gu bheil fios agam co dhiubh a bhuineadh Mairi  Nighean Alasdair Ruaidh do na Hearadh no do'n Eilean Sgitheanach. Chaneil mise ag radh ach gun do choisinn a buadhan dhith �ite agus aoidheachd an Dunbheagain. Is an fior dhuilich a bha i a bhith air a f�gradh as an ionad sin a chuir a leithid a mheas air na buadhan sin a bhuilicheadh oirre. Tha sco soilleir bho na briathran a chleachd an Luinneag MhicLeoid.

Is mi am shuidhe air an tulaich,
Fo mhulsd 's fo imcheist,
Is mi ag coimhead air Ile,
Is ann de m' iongnadh san am seo.

Bha mi uair nach do shaoil mi
Gus an do chaochail air m'aimsir
Gun tiginn an taobh seo,
Dh'amharc Dhiuraidh a Sgarbaidh.

'S gu d� nise tha na h- earranan sin ag innseadh dhuinn mu'n Eilean Sgitheanach aig an am? Nacheil fhios gu bheil, gun robh taobh aig na b�ird ri Dunbheagain agus nach ann dhaibh a b'fhiach. Bha meas air ce�l agus air b�rdachd an seo agus nach math an innseadh sin air na cinn chinnidh a thug aoidheachd is �ite do na b�ird. Tha e doirbh leam a chreidsinn nach robh an sluagh uile air an deagh dh�igh aig an am sin ach bha am eile ri thighinn orra agus bha an Clarsair Dall mothachail air a sin.

Ach cha b'e Leodaich Dhunbh�again a mh�in a thug aoidheachd do na b�ird. Bha an teaghlach ris an abrar Clann a' Bh�ird ri am faotainn air aoidheachd aig Domhnaillaich an Eilein agus eadhon anns an ochdamh linn deug chi sinn gun robh �ite aig a' bh�rd an teaghlach shleibhte. Mu mheadhon na linne sin tha a air a radh gun tug Sir Seumas inbhe b�ird do MhacCodrum, am b�rd Uibhisteach.

Thug  bard  eile,  Iain  Lom, iomradh air fear eile de na Domhnallaich mu thoiseach na seachdamh linne deug. Seo mar a labhair esan mu'n teaghlach sin ri inn ceann cinnidh ris an abrar Domhnall Gorm Og Mac Ghilleasbuig Chleirich.

Bidh cruit is cl�rsaich
Is mn� uchd - �illidh
'N tur nan taileasg ge�rr.
Foirm nam pioban
'S orghain L�tich
'S c�irn 'gan L�onadh ard.

C� nise theireadh gum bu bhaile bochd a leithid sin a dh' �ite 's bu mhath leinn a chreidsinn nach biodh �is air sluagh am feadh 's a bha aignidhean nan ceann cinnidh air cuspairean. cho s�iuimte.

Bha �ite s'onraichte aig a' bh�rd an teaghlach a' chinn cinnidh agus seo mar a thuirt fear dhiubh f�in mu'n �ite air an robh iad dligheach.

Dlighidh on�ir na n- ollamh
A bhith a ccomhaidh re' h- iarla
Agus cuairt gacha tuaithe
Ceithre uaire sam bliadhna.

Tha sin a' ciallachadh gum bu dlgheach am b�rd air �ite aig bord a' chinn cinnidh agus air aoidheachd bho'n tuath ceithir uairean sa'bhliadhna.

Cha b'iad na Leodaich agus na Domhnailaich a mhain air a bheil sgeul againn ann am b�rdachd an Eilein. Tha �ran sonraichte again anns a bheil iomradh air a thoirt air fear de Chlann Fhionghuin an t-Sratha. Tha cuid a' smaoineachadh gur h-e Iain Lom a dh'fhag again an t- �ran sco ach tha cuid eile de'n bharail nacheil cinnt idir air c� a rinn e. Ach 's coma, is math is fhiach e a leughadh agus is gasda an t- iomradh a th'againn air cuspair an �rain.

Seo mar a thuirt am bard.

Cha b'e 'm fasan bh'aig c�ch
Seo ghlac thu mar ghn�h
Bhith smachdail mu'n mh�l air tuaith.
Dhomhsa h'aithne do bheus
'N am dol fodha do'n ghr�in
Chluinnte farum non teud mu d'chluais.
Bhiodh do ghillean ag �l
St�ip l�n ac' air b�rd
Cuirn airgid 'nan d�rn mu'n cuairt.

Chaneil sin cho aocoltach ris gach iomradh a th'againn air na teaghlaichean eile a dh'ainmich mi. Ach mar a thachair an Dunbheagain agus an Sleibhte bha atharraichean m�ra ri thighinn.

Ma bheir sinn s�il air ainmean nam b�rd air a bheil sgeul again anns ant- seachdamh linn deug chi sinn nach e a mhain gun robh �ite s�nraichte aig na b�ird anns na teaghlaichean air an robh mi bruidhinn ach gun robh cuid dhuibh fh�in ri b�rdachd cuideachd. Bha seo fior air feadh na Gaidhealtachd agus anns 'an t- siathamh agus anns an t- seachdamh linn deug tha againn mar gum b'eadh tri gnethan bardachd. An toiseach tha againn na b�ird mh�ra no na h- ollamhan mar a thuirt mi roimhe. A ritis mar a chi sinn an ceartuair tha againn na h-oidhirpean a rinn cuid de na teaghlaichean m�ra fh�in. Tha again cuideachd bardachd a dh'fhaodamaid ainmeachadh air b�ird nam bailtean.

Ann  an  teaghlach  an t-Sratha tha againn  Lachlainn  mac Thearlaich Oig. Bha esan mar a bha an Clarsair Dall fh�in mothachail air na h- atharraichean a bha tighinn air a' Ghaidhealtachd agus gu h-�raidh air an t-Srath mar a chi sinn bhuaithe seo:

An am togbhai m�il do dh�thchannan
Is 'ga dht�thachadh riut fh�in
Bhiomaid air 'nar sti�bhartan
Is 'nar tr�r gum biomaid r�idh.
Cha do thog sinn, riamh b� Shamhna dhuit
An am Bealltainn cha do l�ibh
Cha mho thug oich air tuathanach
Bu mh� do thruas ri'm feum
Bha an duine ud 'na charaid dhomh
Is cha char dhomh chli� a sheinn,
Mus can c�ch gur brosgull e
Leig thairis e 'na thim
Do bh�s a dh'fh�g mi muladach
is ann chluinnear a's gach tir
Cha b'iongnadh mi 'gad ionndrainn
An am c�nntas thoirt san t- sum.

Bhuaithe sco saoilidh mi gu bheil e gu math soilleir dhuinn mar a c�isean san Eilean roimh dheireadh na sechdamh linn deug.

Ach bha fear de na Domhnallaich cuideachd ri b�rlachd. B'e seo Gilleasbuig no an Ciaran Mabach air a bheil c�nntas againn mu mheadhon na seachdamh linne deug. Tha Iain Lom a' toirt c�nntas airsan mar seo:

Slan fo d'thriall a Chiarain Mhabaich,
Shi�bhladh sliabh gun bhiadh gun chadal:
Fraoch fo d'shr�in gun bh�sd gun bhagradh;
Chuir thu ce� fo'n r�iseal bhradaich.

Rinn thu moch eirigh Di-D�mhnaich.
Cha b'ann gu'n aitreabh a ch�mhdach
Thoirt a mach nan cas cheum d�ight'
Chur sradag fo bhraclaich na fe�la.

Choisinn e an t- iomradh seo a chionn 's gun robh l�mh aige ann a bhith a' toirt a mach an aicheamhail air murtairean na Ceapaich. Chaneil air sgeul ach fior bheagan de'n bhardachd aige fh�in ach is gasda an dealbh a dh'fh�g e againn anns na briathran seo:

Nuair a thigeadh am foghar
Bu bhinn leam gleadhar do chl�ibh
Dol a ghabhail a' chr�nain
Air a' mhointich bhuig r�idh
Dol an coinneimh do leannain
Bu ghile feaman is c�ir;
Gur h-i 'n eilid bu bhoidhche
'S bu bhrisge l�ghmhora ceum.

Tha e air a radh cuideachd gur h- e a rinn am marbhrann a leanas an uair a chaochail a bhrathair Sir Seumas anns a' bhliadhna 1678.

F�th m'acainn 's mo th�rsa
Nach d�isgear le teud thu
No le torghan na fidhle
Mo dh�obhail 's mo l�ir chreach
Fhir a chumadh I dionach
Dh'aindeoin siantan 'gan �ireadh:
'N diugh fo leacainn na h- �rach
Gun mo dhi�l ri thu �irigh.

Mar a thuirt n'i mar tha, tha gne b�rdachd eile againn agus cha tigeadh dhuinn a bhith smaoineachadh gur ann air �rainn nan taighean m�ra a mhain a gheibhte b�rdachd agus ce�l. Chaneil teagamh air nach robh b�ird anns na bailtean thall sa bhos mar a th'ann an diugh, agus barrachd sa tha ann an diugh. Chaneil e cho soirbh ainm a chur orrasan ach an diugh tha sgeul air beagan co dhiubh de shaothair nam b�rd sin. Is iad seo an treas gne agus tha iadsan a' toirt dhuinn iomraidhean taitneach air doigh beatha an t-sluaigh a nuas troimh na linntinn.

Chaneil �ite agamsa an seo gu bhith a' me�mhrachadh air a ghne b�rdachd seo, ach faodaidh mi a radh gum faigh sinn 'nam measg seo dealbh ghasda air na linntinn a dh'fhalbh. Ma tha dh.ith oirnn iomradh coimhlionta a thoirt air na linntinn sin thigeadh dhuinn s�il a thoirt air saothair nam b�rd sin. Dh'fhaodainn seo a radh cuideachd gu bheil a bhuaidh orra a bhith s�mplidh am briathran agus an smuam agus r�idh, si�bhlach an rannaigheacht Tha iad gun teagamh sam bith 'nan d�leab cho luachmhor sa th'againn agus b'e 'n call nach cluinn sinn iad nas trice na thu sinn a' deanamh San latha 'n diugh.

Feedback.  If you have any comments, additions or corrections to this article, please post them in the forum as a new thread here. Please make the title of your post the title of the article and put a link back to the article in your post. You will have to register to join the forum.

[Home] [News] [Magazine] [Bookshop] [Genealogy] [Mail] [Wiki] [Links] [Forum] [Back] [Up] [Next]
 

Google

 

web

clandonald.org.uk

[Chiefs] [Australia] [Canada] [New Zealand] [USA]

We not accept liability for material published on advertisers' and other external sites. Click here to advertise on www.clandonald.org.uk. Hosted by Heart Internet.