Clan Donald

[Home] [News] [Magazine] [Bookshop] [Genealogy] [Mail] [Wiki] [Links] [Forum[Back] [Up] [Next]

[Chiefs] [Australia] [Canada] [New Zealand] [USA]

Clan Donald Magazine No 2 (1962) Online

Air Muir 's Air Tir by Donald Macdonald.

When I look at the badge in my bonnet ...

Chan eil uair a sheallas mi ris an bhr�ist 'nam bhoinead agus a chi mi na facail, Air Muir 'S air Tir, agus an l�mh le gr�im teann aic' air crois, nach saoil mi gur h-e facail uasal mor-chuiseach a th'annta, eadhoin air son Chlann Domhnuill.

Is cinnteach gu robh �ghdarras nach bu hheag aig Clann Domhnuill air iomadh cinneadh ma's do ghabh jad dhaibh fhein na facail bhosdail �rdanach sin mar fhacail-suaicheantais, no bha beachd do-abhaisteach aca air an comas fh�in.

Bha iad 'gan cunntadh fh�in rioghail agus chan cit teagamh sam bith nach robh iad anna sin. Tha an cuid fola gus an la an diugh anns an teaghlach rioghail againn fhein, agus nuair a ghabhas an Bhann-righinn Ealasaid cuairt suas oirthir siar ar d�thcha, air an t-samhradh so, tha i siubhal astar a sinnsearachd.

Chaill Clann Domhnuill an t-ait ard cliuiteach a bha aca, ach is tric a smaoinich mi nach b'e cinneadh a ghabh an �it' agus a ghl�idh gu priseal, neo-thruaillichte am facail-suaicheantais, ach iasgairean nan Eilean. An �ite na croise obuireadli iadsan, is docha, falmadair.

Gach uair a shuidheas mi os ceann Cladach Ghiordail agus an Loch a Tuath sinte mach mu m' choinneamh, saoilidh mi gum bu choir dbomb fhaicinn fhathast na gaisgich chalma threun a chleachd a bhith 'g iasgach macb as a sin le sgothan Niseach, eadhraichean a bha cho briagha, deanta agus comhlionta agus a bha na fir a she�l iad. Bha toiseach �rd air gach t� dhiubh agus sliasaid fharsuing a ghreimicheadh ri fairge. Chuala mi, 's cha b'ann aon uair, nach d'theach sgoth a riamh as an rathad mur do ghabh a muir as a deigh.

Nach tric a chunnaic mi na h-iasgairean le'n aodach mara, botannan m�ra leathair gu ceann an sliosaidean, briogais chanabhais a ruigeadh fo'n achlais gu'n calpan, �illiscein air muin geansaidh is peitean m�r, agus ad-uilliscein air an ceann, aodach a bha dionach is blath, direadh as an chladach so le ceum trom sgith, an deigh thighinn dhachaidh bho'n t-Sruth, shios faisg air an Bhuta Leodhais, far an robh iad le na linn-mhoir aig iasgach. Nach iomadh cruadal is teanntachd ri na chothaich iad; geamhraidh choimheach; doinion an Fhaoilitich; comhstri nan stuadh; fairge iarrtach, an-iochdmhor. Cha robh moran chidheachan ann agus air an aobhar sin bha cunnairt aca gus an robh an sgoth air cruas a' chladaich. Is iargalt r�n na mara nuair tha beatha dhaoine ann an g�bhadh. B'ann le neairt an droma a chuireadh na h-eadhraichean air lonnan gu s�l, agus bha'n aon tharruing ri dheanamh nuair a thilleadh iad o na mara, sgith is fann. Cha robh e idir furasd' sgoth a' thoirt troimh an mhuir-bhriste nuair a bhiadh an ghaoth air aghaidh a' chladaich.

Bha e mar fhasan aig sgioba gach sgoth taghadh an sgiobair fhein. Cha b'e a h-uile duine a dheidheadh a thaghadh air son sgiobaireacd. Dh'feumadh a bhith mach as an t-sreath. Air la briagha, seimh, samhraidh, cha robh fear nach stiuradh, ach cha b'e sin sgiobaireacd. 'S ann a bhathas an t�ir air duine a lamhsaicheadh an t-eadhar, an laithean stoirmeil na bliadhna; duine ris an earb-te beatha dhaoine; fior dhuine, mor-inntinneach, sgileil, tuigseach, aig an robh e�las-mara iongantach, agus a bha s�olta is misneachail ann an an-�m; faicilleach nuair a bhiodh feum air faiceal, acb dana, is adhairteach, nuair bhiodh feum air sin.

Sin na buadhan a bhathas aig iarraidh ann an sgiobair agus fhuaireadh iad ann an iomadach fear, nach eil moran dh'an seorsa ri fhaicinn an diugh, a thug am be�-shlaint' as a' chuan, air cho fiadhaich 's g 'm biodh e, agus a dh'oibrich an croitean air tir cuideachd, croitean a chladhaich iad fhein a talamh r�isg. Air muir no air tir blia iad comasach agus deonach air an teachd-an-tir a chosnadh.

Dh'fhalbh na seoid sin mar a dh'fhalbh an t-iasgach, agus dh'fhalbh an t-iasgach le obair-meirle nan tr�lairean grannda, mosach, a spuinn na h-�tean iasgaich. Ruag an obair so barrachd as na h-eileanan na rinn uachdarain a riamh.

Nan caisgeadh ar luchd-riaghlaidh, ni nach dean iad, Tr�lairean bho sgriobadh air son iasg eadar am Parbh agus Ceann Bharraidh, cha b'fhada gu'n tilleadh an t-iasg dh'an na lochan mar a b'abhaist.

Dh'fhalbh na seann laoich agus an cuid sgoth, mar h-eil te air fhagail an sud 's an so, mar an Ribhinn Og. 'S ann ainneamh a chithear eadhar-siuil air s�l.

Sgapadh an teaghlaichean air feadh an t-saoghail, mar a rinn Clann Domhnuill. Ach aon ni tha mi cinnteach as agus 's e so, gu'n dean iad dichioll chruaidh air son am bith-be�, ge b'e �it' sam bi iad, air muir, air tir no anns an adhar, agus nach n�raich, 's nach maslaich iad an cairdean 's an luchd-duthcha.

Feedback.  If you have any comments, additions or corrections to this article, please post them in the forum as a new thread here. Please make the title of your post the title of the article and put a link back to the article in your post. You will have to register to join the forum.

[Home] [News] [Magazine] [Bookshop] [Genealogy] [Mail] [Wiki] [Links] [Forum] [Back] [Up] [Next]
 

Google

 

web

clandonald.org.uk

[Chiefs] [Australia] [Canada] [New Zealand] [USA]

We not accept liability for material published on advertisers' and other external sites. Click here to advertise on www.clandonald.org.uk. Hosted by Heart Internet.